Wir verwenden Cookies, um die Benutzerfreundlichkeit dieser Webseite zu erhöhen (mehr Informationen).

Prof. Dr. Werner Gitt

Cionnas a Gheibh mi gu Nèamh?

Die grundlegende Frage, die suchende Menschen sich stellen, wird hier von Prof. Dr. Werner Gitt beantwortet. "Wie findet man den Himmel?" Auf jeden Fall nicht durch eigene Anstrengungen oder Konzepte. "Was aber bringt uns wirklich in den Himmel?" Gott hat die Einladungen für den Himmel schon verteilt wie im Gleichnis des Menschen, der zu einem großen Fest Einladungen verschickte. Doch viele Menschen redeten sich heraus.

Prof. Dr. Gitt ruft dazu auf, nicht so "kurzsichtig" wie diese Leute zu sein. Jesus will uns vor der Hölle erretten und diese wird kein Vergleich zu der sogenannten "Hölle von Auschwitz" sein. Er hat am Kreuz für unsere Schuld bezahlt, wir müssen diese Einladung nur annehmen, dann ist ein Platz im Himmel "gebucht". Ein Entscheidungsgebet soll den Lesern dabei helfen.

Dieses Traktat eignet sich besonders gut zur Weitergabe an suchende Menschen!

8 Seiten, Best.-Nr. 120-60, Kosten- und Verteilhinweise | Eindruck einer Kontaktadresse


 Cionnas a Gheibh mi gu Nèamh?

Tha mòran ann nach bi ag iarraidh idir a bhith a’ smaoin-eachadh air an t-sìorraidheachd; gu dearbh tha gu leòr ann agus ged a bheachdaicheas iad air a’ bhàs, cha toir iad smuain do na tha ri teachd na dheidh. Nuair a bha i na pàisd, ghabh a’ bhana-chleasaiche Drew Barrymore, a rugadh ann an 1975, aon de na prìomh phàirtean anns an fhilm E.T. Aig aois ochd air fhichead, thuirt i, “Ma thachras gum bàsaich mi ron chat agam, bu mhath leam gun biodh luath mo chuirp air a toirt dhan chat ri ithe; mar sin bhithinn beò tro bheatha mo chait.” Nach eagalach an seòrsa aineolais a tha sin.

Nuair a bha Iosa air an talamh, thàinig sluagh mòr thuige,
len trioblaidean. Mar bu trice, b’iad sin trioblaidean na
beatha seo.

  • Thàinig deichnear lobhair ag iarraidh slànachaidh (Lucas 17.13);
  • Bha na doill ag iarraidh am fradhairc (Mata 9.27);
  • Bha fear ann a bha airson gun dèanadh Iosa rèite, ann an deasbad mu oighreachd (Lucas 12.13-14);
  • Thàinig na Phairisich len ceistean meallta mu phàigheadh chìsean do Chèasar (Mata 22.17).

B’ann ainneamh a thàinig iad a dh’fhaighneachd mun t-slighe gu Rìoghachd Nèimhidh. Thàinig aon uachdaran àraidh agus dh’fhaighnich e, “A Mhaighistir Mhaith, ciod a nì mi a chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?” Fhreagair Iosa e, “Reic na h-uile nithean a th’ agad agus thig agus lean mise” (Lucas 18,18). Ach bha an t-uachdaran ro bheairteach agus air an adhbhar sin cha do lean e comhairle an Tighearna. Leig e seachad a chothrom air sìorraidheachd bheannaichte.

Air an làimh eile, bha feadhainn ann nach robh a’ sireadh Glòir ach nuair a thachair Iosa riutha air an t-slighe, agus a dh’fhosgail Esan dhaibh an soisgeul, ghabh iad ris agus lean iad E anns a’ bhad.

Bha fadachd air Sacheus gus Iosa fhaicinn. Ach ‘s ann a fhuair e barrachd air na bha dùil aige. Nuair a chaidh Iosa gu a thaigh – nuair a bha iad a’ gabhail cupa tì, ma thogras tu a ràdh – fhuair e slàinte da anam. “Thàinig slàinte, an-diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo” (Lucas 19.9).

Agus dè mu ar deidhinne?

Bho na chunnaic sinn gu ruige seo, tuigidh sinn grunn rudan:

  • Tha Rìoghachd Nèimh ri fhaotainn aig àm sonraichte ann an tìm. Tha e math fios a bhith againn air seo. Tha e ag ràdh gun urrainn dhutsa, a leughadair, a’ bheatha mhaireannach a shealbhachadh a n-diugh.
  • Cha ruig duine air Rìoghachd Nèimh tro oibrichean fhèin.
  • Is urrainn an rìoghachd seo a shealbhachadh gun roimh-ullachadh sam bith a dhèanamh.

Tha ar beachdan fhìn air Rìoghachd Dhè fhaicinn tur ceàrr, mur a h-eil iad stèidhichte air facal Dhè. Agus is iomadh beachd faoin a bhitheas aig daoine. Ghabh neach, uaireigin, òran mu chleasaiche a bha a’ leigeil dheth a dhreuchd anns an t-siorcas, an dèidh iomadh bliadhna. “Gu cinnteach bidh e ann an Glòir”, bha an t-òran ag ràdh, “oir thug e toileachas do uidhir de dhaoine.” Thog tè a bha beairteach taigh anns am faodadh fichead boireannach bochd a bhith a’ fuireach an-asgaidh. Cha robh ach aon cùmhnant air a leagail orra mar mhàl: dh’fheumadh iad gealltainn gum biodh iad ag ùrnaigh fad uair a thìde gach latha airson anam a’ bhoireannaich a thug dhaibh an dachaigh. Bha i a’ sireadh slàinte d’a h-anam tro a h-oibrichean.

Ach ciamar, da-rìribh,
a shealbhaicheas sinn Nèamh?

Chleachd Iosa cosamhlachd airson freagairt na ceiste sin a dhèanamh soilleir. Ann an Soisgeul Lucais,(14,16) tha E ag innse mu fhear (mar shamhla air Dia) a bha ag ullachadh fèise. Chuir e a-mach cuiridhean pearsanta chun na fèise, ach fhuair e briseadh dùil leis na freagairtean: “Thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an lethsgeul a ghabhail. Thuirt a’ chiad fhear ris, ‘Cheannaich mi fearann agus is èiginn domh dol a-mach agus fhaicinn.’ Thuirt fear eile, ‘Cheannaich mi còig cuing dhamh agus tha mi a’ dol gan dearbhadh.’ Agus thuirt fear eile, ‘Phòs mi bean agus air an adhbhar sin, chan eil e ’n comas domh teachd.’ ”

Chrìochnaich Iosa a’ chosamhlachd le briathran an fhir-taighe, “Tha mi ag radh ribh nach blais aon de na daoine ud a fhuair cuireadh dem shuipeir-sa” (Lucas 14.24). Tha a’ chosamhlachd seo a’ dèanamh soilleir, gun gabh Glòir a shealbhachadh no a chall. “Se a tha cudromach, a bheil thu a’ gabhail ris a’ chuireadh no ga dhiùltadh? Cha b’ urrainn dha a bhith na b’ fhasa. Am b’ urrainn?

Ma bhitheas daoine air an glasadh a-mach à Glòir, aig a’
cheann thall, cha thachair sin air sgàth nach robh eòlas na
slighe aca, ach seach gun dhùilt iad cuireadh an t-soisgeil. Chan eil na triùir sin anns a’ chosamhlachd, nan eiseamplairean matha dhuinn idir. Cha do ghabh aon aca ris a’ chuireadh a fhuair iad. An robh an fhèis air a cur dheth air an sgàth? Cha robh. Ach seach gun dhiùlt iadsan, tha fiathachadh air a chur a-mach a chum an t-saoghail uile: fiathachadh a tha sìmplidh, soilleir. Tha e ag radh, “Thig.”

Agus tha neach air bith a ghabhas ris a’ chuireadh sin,
a’ faighinn àite aig an fhèis. Dè a tha a’ tachairt an turas seo? Tha sluagh mòr a’ tighinn. Nuair a chì fear an taighe, an ceann ùine, gu bheil àitean falamh fhathast ann, tha e ag radh r’a sheirbheisich, “Gabh a-mach gus na rathaidibh mòra agus na gàraidhibh agus co-èignich iad gus teachd a-steach, a chum gum bi mo thaigh air a lìonadh” (Lucas 14.23).

Bu chaomh leam, a-nis, sùil a thoirt air na tha a’ chosamhlachd seo ag ràdh ruinne an-diugh. Tha rùm fhathast ann an Nèamh agus tha an Tighearna ag ràdh riut, ‘Thig agus gabh d’àite. Dèan d’àite anns an t-sìorraidheachd cinnteach an-diugh. Tha Rìoghachd Nèimh mìorbhailleach thar labhairt. Sin an t-adhbhar a tha Iosa ga shamhlachadh ri fèis. Tha 1. Corintianach 2.9 ag radh, “Chan fhaca sùil agus cha chuala cluas agus cha tàinig ann an cridhe duine na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh Dha.” Chan eil càil, an àite air bith air thalamh, a tha coltach ris. Tha e, gu dearbh, ro-phrìseil.

Dh’fhosgail Iosa, Mac Dhè, an t-slighe dhuinne. Is Esan a rinn an rathad gu Nèamh. Chan eil air fhàgail againne ach a bhith a’ miannachadh le ar n-uile chridhe a bhith maille ri Iosa, ann. Is cinnteach gur e a-mhàin feadhainn a tha cho geàrr-sheallach riutha-san a bh’ anns a’ chosamhlachd, a dhiùltas cuireadh Dhè.

Slàinte ann an Iosa Crìosd

Tha an dàrna earrainn anns an dàrna caibideil de leabhar nan Gnìomharan uabhasach cudromach: “Ge b’e neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, teàrnar e.” Tha an earrainn seo aig cridhe an Tiomnaidh Nuaidh.

Nuair a bha Pòl anns a’ phrìosan ann am Philippi, rinn e sumadh air na bha e ag radh ri fear-coimhead a’ phrìosain, leis na briathran seo: “Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd agus teàrnar thu fhèin agus do thaigh” (Gnìomharan 16.31).

Tha an teachdaireachd sìmplidh, glan ach aig a’ cheart àm, ‘s e teachdaireachd bunaideach a th’innte, a dh’atharraicheas beatha dhaoine. Bha fear-coimhead a’ phrìosain air
iompachadh air an dearbh oidhche.

Agus co bhuaidhe a bhitheas Iosa Crìosd gar teàrnadh? ’S e ceist chudromach a tha sin. Tha E gar teàrnadh bhon t-slighe gu dìteadh sìorraidh; bhon t-slighe gu ifrinn.Tha am Bìoball a’ teagaisg dhuinn gun cuir a h-uile neach seachad sìorraidheachd ann an Glòir no ann an ifrinn. Chan eil àite eile ann. Aon uair ‘s gun dùin am bàs ar sùilean, cha bhi e nar comas tuilleadh a bhith a’ creidsinn gur e am bàs a’ chrìoch. Bidh ar beatha air a meas a rèir mar a ghabh sinn ri Crìosd. ‘S e sin a dhearbhas càit an cuir thu seachad an t-sìorraidheachd.

Nuair a bha mi anns a’ Phòlainn air cuairt-theagaisg, thadhail sinn air seann champa cogaidh Auschwitz far na thachair nithean cho uamhalta, aig àm an dara cogaidh. Eadar 1942 agus 1944, chaidh còrr is millean gu leth Iùdhach a sgrios an sin agus bha na cuirp air an losgadh. Ann an litreachas, tha e air a lìbhrigeadh aig amannan mar “Ifrinn Auschwitz”. Thàinig an abairt sin thugam nuair bha an neach-seòlaidh a’ sealltainn dhuinn seòmar-gas anns am b’ urrainn cur às do shia ceud duine aig an aon àm. Chan eil e nar comas ruighinn air cho eagalach ‘s a bha sin. Ach an e ifrinn a bh’ ann?

B’ urrainn dhuinne a dhol tron t-seòmar-gas air sgàth gun tàinig an t-àm iargalta ud gu crìch ann an 1944. Tha an campa fosgailte a-nis; chan eil droch-dhìol no àmhghar air am fulamg ann tuilleadh. Thàinig crìoch air Auschwitz. Ach tha ifrinn a’ Bhìobaill gun chrìch.

Nuair a bha mi a’ dol a-steach dhan taigh-tasgaidh, mhothaich mi gun robh dealbh de chorp Iosa Crìosd air a’ chrann-ceusaidh, air a sgròbadh air a’ bhalla an sin, le tarang. Bha aon de na prìosanaich a’ dèanamh soilleir gun robh e air a dhòchas a chur ann an Iosa agus Esan air a cheusadh. Bhàsaich an duine seo anns an t-seòmar-gas, còmhla ri càch, ach fhuair e fàilte a Nèamh. Chan eil teicheadh idir às an ifrinn a tha Iosa a’ mìneachadh dhuinn anns an Tiomnadh Nuadh. (Faic, mar eiseamplair Mata 5.29-30; Mata 7.13; Mata 18.8). Chan eil ann an ifrinn ach iargaltas is eagal do-labhairt.

Tha Rìoghachd Dhè buan, maireannach cuideachd. Agus is ann an sin a tha an Tighearna ag iarraidh ar cruinneacheadh. Carson nach eil thu a’ gabhail ri a chuireadh? Gairm air ainm Dhè an-diugh agus dèan d’ àite fhèin ann an Glòir cinnteach. Aon uair, is mi air bruidhinn ann an talla mu chuireadh an t-soisgeil, thàinig boireannach far an robh mi. Bha i gu math troimh – chèile.

“Ciamar as urrainn do dhuine àite fhasdadh da fhèin ann an Rìoghachd Nèimh?” thuirt i. “S ann a tha sin mar gun robh thu a’ bruidhinn air ionad-turasachd.” – “Uill”, fhreagair mise, ‘ann an dòigh, ‘s ann mar sin a tha e. Mur a dèan thu d’ àite cinnteach, chan fhaigh thu gu do cheann-uidhe. Ma tha thu airson a dhol gu Hawaii, feumaidh an ticead fhreagarrach a bhith agad. “Ach tha agad ri pàigheadh airson na ticeid sin”, thuirt ise. “Uill”, arsa mise, “feumar pàigheadh airson na ticeid gu Nèamh cuideachd. Ach tha i cho daor is nach tèid aig duine againn air a ceannach. Tha ar peacaidhean gar cumail à Rìoghachd Dhè. Chan fhuiling an Tighearna peacadh na làthair agus ma tha sinne airson sìorraidheachd
a chur seachad ann an Nèamh, feumaidh sinn a bhith air ar tèarnadh bho ar peacaidhean uile. Cha ghabh sin a
dhèanamh ach tro Iosa Crìosd – an t-aon duine a bha gu tur saor bho pheacadh. Is Esan a-mhàin a b’ urrainn pàigheadh airson ticead dhutsa no dhomhsa. Phàigh Esan a’ phrìs a dh’fhosgladh dorsan Nèimh airson A shluaigh, le fhuil fhèin, air a’ chrann.”

Mar sin, dè is èiginn dhomh a dhèanamh? Tha E soilleir gu bheil Dia air cuireadh a thoirt dhuinn uile. Tha iomadach earrainn anns a’ Bhìoball a tha a’ cur impidh oirnn gus gabhail
ris a’ chuireadh sin:

  • “Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a-staigh air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh, gun iarr mòran dol a-staigh, agus nach urrainn iad” (Lucas 13.24).
  • “Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd Nèimh am fagus” (Mata 4.1).
  • “Imichibh a-steach air an doras ch umhang; oir is farsaing an doras, agus is leathann an t-slighe a tha a’ treòrachadh a chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a-steach oirre: ach is cumhang an doras agus is aimhleathann an t-slighe a tha a’ treòrachadh chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre” (Mata 7.13-14).
  • “Gabh grèim den bheatha mhaireannaich a chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu” (1. Timoteuis 6.12).
  • “Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu-fhèin agus do thaigh” (Gnìomharan 16.31).

Tha iad sin uile nan cuiridhean làidir, dùrachachdach. Tha iad a’ cur impidh air an leughadair gus gabhail riutha. Is cinnteach gur e am freagairt reusanta do dhuine sam bith tuiteam gu a ghlùinean le ùrnaigh mar seo:

“A Thighearna Iosa, tha mi a’ leughadh anns a’ Bhìoball nach ruig mi air Glòir ach Tromhad-sa. Tha mi a’ miannachadh lem uile chridhe a bhith maille riut-sa anns an t-sìorraidheachd. Cùm mi à ifrinn, ged a tha mi ag aideachadh gu bheil mi nam pheacach ifrinn-thoillteanach. Tha mi a’ creidsinn an t-soisgeil: gun tug Thu do bheatha air a’ chrann gus mo shaoradh, leis a’ ghràdh a bh’ agad dhomh. Ghabh Thu ort fhèin am peanasachadh air an robh mise airidh. Tha mo pheacaidhean uile soilleir dhut-sa, bhom òige gus an latha ’n-diugh – an fheadhainn as aithne dhomh fhìn agus an fheadhainn a tha falaichte bhuam. Tha mo smuaintean agus m’ uile chridhe fosgailte fod shùilean, mar leabhar. Mar a tha mi, chan urrainn gun ruig mi air Nèamh. Tha mi air mo lìonadh le gràin agus fuath dom pheacadh agus tha mi a’ guidhe gu maitheadh Tu e dhomh. Thig a-steach dom chridhe agus ath-nuadhaich e. Cuidich leam gus an cuir mi cùl ris a h-uile nì nach eil ceart nad shealladh, agus suidhich m’ inntinn air cleachdaidhean dìreach. Foillsich dhomh am Bìoball - d’ fhacal fhèin. Thoir dhomh a bhith a’ cluinntinn do ghuth agus a bhith a’ leantainn do thoil le ùmhlachd. Bi nad Dhia dhomh à seo a-mach, a’ foillseachadh do shlighe dhomh, anns gach ceum.  Tha mi a’ toirt taing dhut, A Dhè, airson gun d’èisd Thu rim ùrnaigh. Tha mi a’ creidsinn gu bheil mi nam leanabh dhutsa, agus gum bi mi maille riut ann an Glòir. Amen.”

Dr. Werner Gitt
Director and Professor (retired)
information scientist